Òran Fir Heisgeir (Gura Mis' Tha Fo Mhìghean)

Òran Fir Heisgeir (Gura Mis' Tha Fo Mhìghean)

Julie Fowlis

Длительность: 3:55
Год: 2014
Скачать MP3

Текст песни

Gur a mis' tha fo mhì-ghean
'S mi leam fhìn air a' chnoc
Fada, fada, bho m' chàirdean
Ann an àite ri port

Gus am facas do bhàta
Le siùil àrda ri dos
Tigh'nn a-steach chun na h-Àirde
'S mac an àrmainn air e stoc

Mac an àrmainn air stiùir
A tigh'nn a dh' ionnsaidh an Troit
Gu bheil an caolas a' beucadh
'S muir ag èirigh mu slait

Tha do làmh-sa cho gleusta
'S nach do thrèig ise neart
Ged a thigeadh muir dubh-ghorm
Chuireadh sgùradh a-steach

'S ged bhiodh cìosnachadh mar' ann
'Bhuileadh barraibh a crann
'Chuireadh dh' ionnsaigh a slat i
'S luaithe h-astar na long

Bhiodh i aigeannach, aotrom
'G èirigh eadar gach gleann
'S muir a' bualadh mu darach
'Fuasgladh reangan is lann

Bu tu sgiobair na fairge
Bu tu fear falmadair grinn
Gur tu b' urrainn a stiùireadh
'Nuair a dhiùltadh iad i

Ged a bheireadh iad thairis
'S iad na laighe 's an tuim
Chumadh tus' i cho gàireach
Gus an tàrradh i tìr

Chan eil aon rubha cladaich
Eadar seo 's a Chaoir-dhearg
Eadar Lìte 's gach cala
Dèanta fantainn neo falbh

Chan eil maighstir soithich
Chuala feothas do làimh
Nach bi faighneachd, 's a fiosrach
Càite faighte do bhàt'

Iùbhrach àlainn, 's i fallainn
'S i ri gabhail a' chuain
I ruith cho dìreach ri saighead
'S gaoth na h-aghaidh gu cruaidh

Ged a bhiodh stoirm chlacha'-meallain
Ann, 's an cathadh a tuath
Nì Fear Heisgeir a gabhail
Làmh nach athadh ro 'n stuaigh

Tha Fear Heisgeir a' tighinn
Bu tu ceann-uidhe nan ceud
Bu tu ceann-uidhe na cuideachd
'S cha bu sgrubaire crìon

'N àm ruighinn do bhaile
Seal mu 'n cromadh a' ghrian
Bu tu mac an deagh-athair
Bha gu mathasach riamh